A Mhairi Bhoidheach

6 views

Lyrics

A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach
 A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
 A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn

 Gur tric mi 'cuimhneachadh ort 's mi m' ònar
 Ged a shiubhlainn gach ceum den t-saoghal
 Bidh t' ìomhaigh bòidheach 'tighinn beò gach taobh dhiom
 A Mhàiri bhòidheach, a Mhàiri ghaolach
 A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
 A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn
 ♪
 'S truagh nach robh mi 's mo Mhàiri bhòidheach
 Ann an gleannan faoin 's ceò air
 Ged bu rìgh mi 's an Roinn-Eòrpa
 Chan iarrainn pòg ach o Mhàiri bhòidheach
 A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach
 A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
 A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn
 ♪
 Chìthear fèidh air sgèith 's na speuran
 Chìthear iasg air àird nan slèibhtean
 Chìthear sneachda dubh air gheugan
 Mum faicear caochladh tighinn air mo spèis dhut
 A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach
 A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
 A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn
 Guma slàn dha mo Mhàiri bhòidheach
 Ge b'e àite 's am bidh i 'chòmhnaidh
 'S e mo dhùrachd cho fad 's is beò mi
 Gum bidh gach sòlas aig Màiri bhòidheach
 A Mhàiri bhòidheach 's a Mhàiri ghaolach
 A Mhàiri bhòidheach gur mòr mo ghaol ort
 A Mhàiri bhòidheach gur tu a chlaoidh mi
 'S a dh'fhàg mi brònach gun dòigh air t' fhaotainn
 
Audio Features

Song Details

Duration
05:13
Key
9
Tempo
180 BPM

Share

More Songs by Mary Jane Lamond

Albums by Mary Jane Lamond

Similar Songs