Air a' Ghille Tha Mo Rùn (It is the Lad that I Love)

6 views

Lyrics

Air a' ghille tha mo rùn
 Tha mo rùn air a' ghille
 Bhon latha chuir thu rium do chùl
 Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh
 'S ann a Muile na beann dubha
 Tha mo luaidh air a' ghille
 Dh'àithninn thu am measg an t-sluaigh
 Leis na h-uaislean a' tighinn
 Air a' ghille tha mo rùn
 Tha mo rùn air a' ghille
 Bhon latha chuir thu rium do chùl
 Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh
 'S ann a Muile na beann àrd
 Tha mo ghràdh dhen na gillean
 Ged nach tug thu dhomh do làmh
 Do dheoch-slàinte cha tillinn
 Air a' ghille tha mo rùn
 Tha mo rùn air a' ghille
 Bhon latha chuir thu rium do chùl
 Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh
 Bidh mo mhàthair rium ag ràdh
 Èirich suas, 's tog do mhisneach
 Ged tha 'n gille fada bhuat
 Cha bhi gruaim air nuair thig e
 Air a' ghille tha mo rùn
 Tha mo rùn air a' ghille
 Bhon latha chuir thu rium do chùl
 Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh
 Nuair a bhiodh tu 's an taigh òil
 'S tu nach sòraidh an gini
 Bhiodh do bhotal air a' bhòrd
 Càch an òl, 's tu ga' sireadh
 Air a' ghille tha mo rùn
 Tha mo rùn air a' ghille
 Bhon latha chuir thu rium do chùl
 Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh
 ♪
 Dè ma thèid thu dhan taobh tuath
 Gum bu luaidh nì thu tilleadh
 Tha na nìonagan an gruaim
 Bhon nach d'fhuair iad an gille
 Air a' ghille tha mo rùn
 Tha mo rùn air a' ghille
 Bhon latha chuir thu rium do chùl
 Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh
 Air a' ghille tha mo rùn
 Tha mo rùn air a' ghille
 Bhon latha chuir thu rium do chùl
 Tha mi 'n dùil ri thu thilleadh
 

Audio Features

Song Details

Duration
04:55
Key
4
Tempo
138 BPM

Share

More Songs by Mary Jane Lamond'

Albums by Mary Jane Lamond'

Similar Songs