Cha Tig Mor Mo Bhean Dhachaidh

3 views

Lyrics

Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
 Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
 Cha tig màthair mo leanabh
 Nochd a laighidh ri m' thaobh
 Tha an crodh anns an eadraidh
 'S 'ad ri 'freagairt nan laogh
 Cha tig Mòr à Dùn Bheagain
 'S cha fhreagairt i an glaodh
 Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
 Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
 Cha tig màthair mo leanabh
 Nochd a laighidh ri m' thaobh
 Thig bàrr air an iubhar
 Thig duilleag air chraoibh
 Thig fràs air a' luachair
 Ach cha ghluais mo bhean ghaoil
 Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
 Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
 Cha tig màthair mo leanabh
 Nochd a laighidh ri m' thaobh
 ♪
 Ged a dheanainn-se pòsadh
 Mar bu chòir dhomh 'nad dhéidh
 Cha togadh mo chridhe
 Ri fidhill nan teud
 Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
 Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
 Cha tig màthair mo leanabh
 Nochd a laighidh ri m' thaobh
 Ged a gheobhainn bean uasal
 'S duin' uaisl' air gach taobh
 'S mùr gum b'fheàrr leam Mòr agam
 'Dol bhi laighe ri m' thaobh
 Cha tig Mòr mo bhean dhachaidh
 Cha tig Mòr mo bhean ghaoil
 Cha tig màthair mo leanabh
 Nochd a laighidh ri m' thaobh
 

Audio Features

Song Details

Duration
03:49
Key
9
Tempo
76 BPM

Share

More Songs by Mary Jane Lamond

Albums by Mary Jane Lamond

Similar Songs