Mairi Bhan Dhail an Eas

3 views

Lyrics

S' mithich dhòmhsa tòiseachadh
 Is m' òran chur an cèill
 Gur fhada bhon bu chòir dha
 Bhi ann an òrduigh rèidh
 Tha m' inntinn-sa cho luaineach
 Ri gaoith tuath air bhàrr nan geug
 Ma s' e gum pòs a' ghruagach
 Tha shuas ann an Gleann Èit'
 Gur bòidheach leam a dh'fhàs thu
 Bho d' bhàrr gu sàil do bhuinn
 Chan eil cron ri àireamh ort
 'S tu bean an nàduir ghrinn
 Nar mhealam-sa mo shlàinte
 Gu 'n b' fheàrr leam nam bhi 'm rìgh
 Cead bhi laighe làimh riut
 Mo làmh fo' do mhuineal mìn
 Gur lìonmhor màis ri' h-aithris
 Air an ainnir is math shnuadh
 Do shlios geal mar an caineal
 No mar eala na tonn uain'
 Shiubhail mi bho 'n Apuinn
 A-mach gu Uisge Chluaidh
 'S bean t' aogais anns an astar sin
 Cha 'n fhaca mis', a luaidh
 Tha falt bachlach bòidheach ort
 Air dhath an òir 'na dhuail
 Gur fiamhach sgiamhach, òrbhuidhe
 Ann 'n òrduigh ann na cuaich
 Bha m' inntinn-sa làn sòlais
 Nuair bha mi chòmhnuidh shuas
 'S a nise bho 'n a dh'fhàg mi a
 Chan eil mo thàmh ach truagh
 ♪
 Tha nìonagan an àite seo
 Ri tàir orm gu mòr
 Gu'n d' thuirt iad rium am "bachelor"
 'S gu bheil mi sean gu leòir
 Cha b' i 'n aois a liatha
 Mo chiabhagan cho mòr
 Ach sìoban na tonn dubh ghorm
 A' tighinn bho chùl nan seòl
 Gur lìonmhor anns an àite seo
 Mo nàimhdean bho chionn greis
 A chionn gu'n d' thug mi gràdh
 Dhan nighean bhàin tha 'nn Dail an Eas
 Tha fleasgaich anns an àite seo
 Gum b' fheàrr leò gun robh mis'
 Ann iomall domhain fad air falbh
 Gun earbsa ri tighinn às
 Ged a bhithinn fad air falbh
 Bhiodh m' earbsa ri tighinn as
 A shealltainn air mo ghràdh
 An nigh'nn bhàn a's àillidh dreach
 Chan eil e anns an àl seo
 No 's an àl a thig am dhèigh
 Bean do mhais' a Mhàiri
 'S tu a' àille tha fo 'n ghrèin
 'S ìseal a thuit m' inntinn-sa
 'S cha dìrich i ri m' bheò
 A chaoidh cha dèan mi innseadh
 An nì sin tha 'gam leòn
 'S gus an tèid mo thìodhlaiceadh
 Ann cistidh dhìonaich bhòrd
 Cha trèig mi gaol na h-ìghneige
 Dh'fhàg m' inntinn trom fo leòn
 

Audio Features

Song Details

Duration
05:40
Key
9
Tempo
102 BPM

Share

More Songs by Mary Jane Lamond

Albums by Mary Jane Lamond

Similar Songs