Mo Nighean Donn as Boidhche

5 views

Lyrics

Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 An oidhche bha mis' air chuan
 Shil 'is shéid i, dh'fhàs i fuar
 Dhòmhsa b' fheudar bhi dhol suas
 Mo thruaighe 's gun mi eòlach
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 Thuirt e rium a dhol dhan chrann
 Thuirt mi fhéin nach d' rachainn ann
 Thuirt e, "Feumaidh tu dhol ann
 Gur siod a gheall thu dhòmhsa"
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 Chaidh mise an sin suas
 Rinn mi' n "topsail" chur mun cuairt
 Thuirt e rium nuair thàin' mi nuas
 Nach robh e uamhaidh-bòdhach
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 ♪
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 "Mur a bheil," thuirt mi fhéin
 "Seo fear nach seall 'n a déidh
 Ged a rachadh e dhan speur
 'N a riobanan 's 'n a ròpan"
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 Théid mi sìos gu ceann Loch Mhèinn
 Far bheil d' athair 'gabhail tàimh
 Gus an faigh mi thu air làimh
 Gu bràth cha dèan sinn pòsadh
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 Théid mi sìos gu àit' an t-sagairt
 'S théid ar n-éigheach aig an àltar
 'S mur tig sian sam bith 's an rathad
 Thig sinn dhachaidh pòsda
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 Hao ro ri o, rathail o
 Rathail o, rathail o
 Hao ro ri o, rathail o
 Mo nighean donn as bòidhche
 

Audio Features

Song Details

Duration
04:26
Key
6
Tempo
96 BPM

Share

More Songs by Mary Jane Lamond

Albums by Mary Jane Lamond

Similar Songs