O Nighean Donn nan Gobhar
5
views
Lyrics
Ged a tha mi 'nochd 's a' chòisridh Maille ri fleasgaichean bòstail Nìonagan cho rìomhach, spòrsail Le sìoda, le sròl a' danns' Ò, nighean donn nan gobhar È, nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn is mi nad dheoghaidh Bòidheach, laghach, mo nighean donn Nìonagan cho rìomhach stràiceil 'S beag a chuir mi dh'ùigh 'n an àbhachd 'S mòr gum b' annsa leam bhi mànran Riut, a ghràidh, air sgàth an tuim Ò, nighean donn nan gobhar È, nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn is mi nad dheoghaidh Bòidheach, laghach, mo nighean donn 'S mòr gum b' annsa leam bhi sùgradh Leis an nìonag chaoin-ghil', chùil-duibh Anns an doire, goir an smùdain Bun an stùic air ùrlar glinn Ò, nighean donn nan gobhar È, nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn is mi nad dheoghaidh Bòidheach, laghach, mo nighean donn ♪ 'S ann leam fhìn bu bhinne chòisridh Anns a' mhadainn Chèitein cheòthar Uiseagan os cionn na lòintean Smeòraichean air meòir 's a' choill Ò, nighean donn nan gobhar È, nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn is mi nad dheoghaidh Bòidheach, laghach, mo nighean donn Siod an ceòl bu bhinne chualas Luinneag fòil aig bannal ghruagach 'G iomain a' chruidh-laoigh dhan bhuaile Cuach as buarach air an druim Ò, nighean donn nan gobhar È, nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn is mi nad dheoghaidh Bòidheach, laghach, mo nighean donn ♪ Lasadh mo chridh' le gràdh dhuit Nuair a nochdadh tu air fàireadh 'S tu cho geal ri cobhar sàile A' tighinn gu tràigh air bhàrr na tuinn Ò, nighean donn nan gobhar È, nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn is mi nad dheoghaidh Bòidheach, laghach, mo nighean donn Ò, nighean donn nan gobhar È, nighean donn nan gobhar Trom m' inntinn is mi nad dheoghaidh Bòidheach, laghach, mo nighean donn
Audio Features
Song Details
- Duration
- 04:26
- Tempo
- 98 BPM