Òran an t- Saighdear (The Soldier's Song)

6 views

Lyrics

Latha dhomh 's mi sràidearachd
 Gu h-àrd os cionn Dùn Èideann
 Cò thachair orm ach saighdear
 'S gun do dh'fhoighneachd e mo sgeula
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ri ha ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Cò thachair orm ach saighdear
 'S gun do dh'fhoighneachd e mo sgeula
 Thuirt e rium "enlisteadh"
 Gur e cuairt a b' fhearr fon ghrèin e
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ri ha ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Thuirt e rium "enlisteadh"
 Gur e cuairt a b' fhearr fon ghrèin e
 Gheobh thu òr is airgead
 'S còta dearg mar èideadh
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ha ri ho ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 ♪
 Thug e dhan taigh-òsda mi
 Nuair thug mi seòrsa gèill dha
 Thug e dhomh ri ghiùlain
 Aon tè ghlas nach sguireadh fhèin dhomh
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ha ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Gun tug e dhomh ri ghiùlain
 Aon tè ghlas nach sguireadh fhèin dhomh
 Chuir e mise dhachaidh i
 Gu caisteal mòr Dhùn Èideann
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ha ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Chuir e mise dhachaidh i
 Gu caisteal mòr Dhùn Èideann
 Mo mheallach air a Choirneill
 'S a' phòg a gheobh e fhèin dhomh
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 ♪
 'S na h-ighneagan air pòsaidh
 Nach fhaigh mi corr is tè dhiubh
 Mo shoraidh bhuam gu Muile
 Far a bheil mo roghainn is m' eudail?
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Mo shoraidh null gu Muile
 Far a bheil mo roghainn is m' eudail?
 Far a bheil na h-ighneagan
 'S na gillean air na féilltean?
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 ♪
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ha ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ha ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 Ha ri a ro, mo dhèideag
 Ha ri ho ro, thug oireann o
 

Audio Features

Song Details

Duration
04:28
Tempo
105 BPM

Share

More Songs by Mary Jane Lamond'

Albums by Mary Jane Lamond'

Similar Songs