Rinn Mi Corr is Naoi Mile (I Travelled more than Nine Miles)

4 views

Lyrics

Rinn mi còrr is naoi mìle
 'S ann tìr 's gun mi eòlach
 A' dol a shealltainn na gruagaich
 A bh' air a' bhuailidh na h-ònar
 A' dol a shealltainn na gruagaich
 A bh' air a' bhuailidh na h-ònar
 Nuair a ràinig mi 'm baile
 Cha robh iad 's mar bu chòir dhaibh
 Nuair a ràinig mi 'm baile
 Cha robh iad 's mar bu chòir dhaibh
 Cha robh àit air luchd-ciùil ann
 'S cha robh saod air luchd-òil ann
 Cha robh àit air luchd-ciùil ann
 'S cha robh saod air luchd-òil ann
 Gu robh mnathan a' fuaigheal
 Agus gruagaichean brònach
 Gu robh mnathan a' fuaigheal
 Agus gruagaichean brònach
 Iad a' cumadh na lèine
 Dhan euchdaig bu bhòidhche
 Iad a' cumadh na lèine
 Dhan euchdaig bu bhòidhche
 'S ann a fhuair mi chraobh fhìnealt
 'S i na sìneadh 's an t-seòmbar
 'S ann a fhuair mi chraobh fhìnealt
 'S i na sìneadh 's an t-seòmbar
 'S i na sìneadh fon uinneig
 Far nach chluinn mi do chòmhradh
 'S i na sìneadh fon uinneig
 Far nach chluinn mi do chòmhradh
 'S i na sìneadh air dèilidh
 Ann an lèine fuar reòite
 'S i na sìneadh air dèilidh
 Ann an lèine fuar reòite
 'S daor a cheannaich mi 'n trusgan
 A th' air a thrusadh mu d' dhòrnan
 'S daor a cheannaich mi 'n trusgan
 A th' air a thrusadh mu d' dhòrnan
 Gu bheil mi cho duilich
 Gun do ghiùlain mi 'n còta
 Gu bheil mi cho duilich
 Gun do ghiùlain mi 'n còta
 Gu bheil snigh' air mo ghruaidhean
 A' sìor bhualadh mo bhrògan
 Gu bheil snigh' air mo ghruaidhean
 A' sìor bualadh mo bhrògan
 Feuch gun toir sibh dhomh bata
 Gun toir e tacan 's an ròd mi
 

Audio Features

Song Details

Duration
03:21
Key
8
Tempo
167 BPM

Share

More Songs by Mary Jane Lamond'

Albums by Mary Jane Lamond'

Similar Songs