O Ìosa, Bi ‘n Còmhnaidh Air M’aire Gach Uair (Live) [feat. Mary Elizabeth MacInnis]
2
views
Lyrics
O Iosa, bi 'n còmhnaidh air m' aire gach uair - Mo chobhair, mo chridhe, mo bheatha, mo dhuais. Bi rium an dlùth-chomann, nam inntinn a ghnàth, Is treòraich mo cheuman le èifeachd do ghràis. Às d' aonais, O Iosa, mo bheatha gun stàth; Às d' aonais, O Iosa, tha m' fhoghar gun ghràn; Às d' aonais, O Iosa, mo ghnìomhan gun fheum – Soillsich mo ròidean le lòchran do chrèid. O Iosa, mo Shlànair, na fàg mi son uair; Nad reul bi dhomh deàrrsach an sgàthan mo smuain – 'S Tu m' acarsaid shàbhailt' bho ghàbhadh nan stuagh; Mo dhìdean, mo chombaist, mo chompanach buan. Dèan dachaigh nam chridhe, O Iosa, mo ghaol; Dèan dachaigh nam thuigse, nam mheomhair, nam smaoin; Biodh d' ainm-sa gu sìorraidh air bilean mo bheòil – Iosa, na trèig mi rè rèis mo bhith-bheò.
Audio Features
Song Details
- Duration
- 02:50
- Key
- 4
- Tempo
- 80 BPM