Canain Nan Gaidheal

1 views

Lyrics

Cha b'e sneachda 's an reothadh o thuath
 Cha b'e an crannadh geur fuar on ear
 Cha b'e an t-uisge 's na gaillionn on iar
 Ach an galar a bhlian on deas
 Blàth, duilleach, stoc agus freumh
 Cànan mo threubh is mo shluaidh
 Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar
 Gus an cluinn sinn ann cànan nam fèinn
 Thig thugainn, thig cò' ruim gu siar
 Gus an cluinn sinn ann cànan nan gàidheal
 Nuair chithear fear fèilidh 's a' ghleann
 Bu chinnteach gur gàidhlig a chainnt
 Nuair spìon iad a fhreumh às an fhonn
 An àite gàidhlig tha cànan a' ghoill
 Is ghaidhealtachd creadhal nan sonn
 'S tìr "mhajors" is "cholonels" 'n-diugh innt'
 Thoir a-nuas dhuinn na coinnleirean òir
 'S annta càraibh na coinnlean geal, cèir
 Lasaibh suas iad an seòmar a' bhròin
 Taigh aire seann chànan a' ghàidheil
 Se siud o chionn fhad' thuirt an nàmh
 Ach fhathast tha beò cànan a' gàidheal
 Ged a theich I le a beath' às na glinn
 Ged na cluinnear a-nis muigh I san dùn
 O dhùthaich mhic aoidh fada tuath
 Gu ruig thu druim uachdair nam bò
 'S iathadh nan eileanan siar
 Si fhathast ann ciad chainnt an t-slòigh

Audio Features

Song Details

Duration
04:59
Tempo
48 BPM

Share

More Songs by Tannas

Similar Songs