Co-thràth

6 views

Lyrics

Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith
 Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì
 Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Camhanaich 'g èiridh mar bhàrr air an loch
 A' goil le chuid èisg, a-nochd bhios 's a phoit
 Na m' bhalach 's a chidsin tro ghàire is toit
 'S ann dluth ris a chianalas a tha mi a-nochd
 Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith
 Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì
 Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Le teaghlach mòr farsaing: am machair 's a bheinn
 O thig an droch thìde le tàirneanaich 's tuinn
 Ach thig sinn ri chèile le òran ri sheinn
 Mo ghaol tha e diongalta 's chì mi am feart
 Bheir turas dhomh slànachadh dealbh dhomh neart
 A' deilbh nan sreangan 's a' taghadh nan càird
 A' fighe ann an dathan le beartas nan beairte
 Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith
 Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì
 Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Dlùth ris an fhearann seo dìleas gu bràth
 Ach chunnaic i ginealaich a' dìreadh 's a dh' fhàg
 Nuair thig m' àm 'son fàgail 's mi 'n dòchas nach tràth
 Bidh rionnag a tuath deàrrsadh na mo cho-thràth
 Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Gun àite fo shealladh sam b' fheàrr leinn a bhith
 Gu dùthaich a' mhachair, gun riasladh neo strì
 Trobhadaibh uile gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 Ar cridhe, cridhe
 Ar cridhe gu dachaigh ar cridh'
 

Audio Features

Song Details

Duration
04:29
Key
4
Tempo
83 BPM

Share

More Songs by Tide Lines

Albums by Tide Lines

Similar Songs