Muile

6 views

Lyrics

Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
 Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
 Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann
 Am Muile nan craobh tha 'mhaighdean bhanail,
 Don tug mi mo ghaoil 's mi faoin 'am bharail;
 'S ma chaidh e fo sgaoil 's nach faod mi 'faighinn
 Gun taobh mi caileagan Chòmhaill
 Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
 Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
 Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann
 Do shlìos mar an fhaoilean, taobh na mara,
 Do ghruaidh mar an caorann, sgaoilt' air mheangan;
 Sùil ghorm a's glan aoidh fo chaoin-rosg thana
 'S tu 'n òigh a mhealladh gach òigear
 Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
 Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
 Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann
 Tha smuaine neo dhà an tràth-s air m' aire;
 Cha 'n innis mi chàch ceann-fàth mo ghalair;
 Ged laidheas mi tràth, cha tàmh dhomh cadal,
 'S do ghràdh ga m' sgaradh an còmhnaidh
 Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
 Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
 Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann
 Bho 'n tha mi gun sunnd, 's gur dùth dhomh mulad,
 Cha tog mi mo shùil, ri sùgradh tuilleadh
 Cha tèid mi le mùirn gu cùirt nan cruinneag,
 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann
 'S mo rùn am Muile nam mòr bheann

Audio Features

Song Details

Duration
03:38
Key
5
Tempo
146 BPM

Share

More Songs by Tide Lines

Albums by Tide Lines

Similar Songs